Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba air an Tairbeart

Còmhla ris an Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. Service conducted by Rev Donald J Morrison, assistant minister Church of Scotland, Tarbert.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Salm 80: 18-19 air fonn Morven agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Agus an laoidh, An Neamhnaid Luachmhor, le Iain MacSuain.

Leughadh: Ròmanaich 10: 1-17

Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Sgalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001. Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar Cheannard air Sgoil Sgalpaigh. Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheilear a' cur feum air.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 21 May 2017 09:00
  • Sun 21 May 2017 15:00
  • Sun 10 Sep 2017 09:00
  • Sun 10 Sep 2017 15:00