Main content
Sorry, this episode is not currently available

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain còmhla ri chèile a-rithist. A reunion of former employees of Fearann Eilean Iarmain, the estate of the late Sir Iain Noble.

Cheannaich Iain Noble Oighreachd Chloinn Dòmnhaill san Eilean Sgitheanach ann an 1972. Agus an-diugh, còig bliadhna deug thar fhichead an deidh sin, tha a' bhuaidh ri fhaicinn gu follaiseach anns a' cheàrnaidh sin de cheann a deas an eilein. Aig meadhon sin tha Sabhal Mòr Ostaig, a' Cholaisde Ghàidhlig, a bha aig cridhe na feallsanachd aig Sir Iain. Ach bha feadhainn de na planaichean agus sgeamaichean a bha na bheachd nach do shoirbhich agus cluinnidh sinn mu chuid dhiubh sin anns a' phrògram seo.

Bha a' Ghaidhlig aig meadhon gnìomhachas Shir Iain aig Fearann Eilean Iarmain agus 's ann an sin a chur an luchd-obrach èolas air an duine fhèin. Agus 's iomadh plòigh agus dibhearsain a bha aca an sin mar as cuimhne le Bertie MacAonghais.

Tachraidh sinn ri ceathrar a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, a bhuineadh do Shir Iain Noble nach maireann agus cluinnidh sinn mun dìleab shònraichte a dh'fhàg e aig a' cheàrnaidh sin den eilean.

30 minutes

Last on

Sun 2 Apr 2017 09:30

Broadcasts

  • Thu 30 Mar 2017 12:00
  • Thu 30 Mar 2017 22:10
  • Sun 2 Apr 2017 09:30