Main content
Sorry, this episode is not currently available

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain còmhla ri chèile a-rithist. A reunion of former employees of Fearann Eilean Iarmain, the late Sir Iain Noble's estate.

Chuir Iain Noble am banca marsanta Noble Grossart air bhonn ann an Dùn Èideann ann an 1969 agus sann leis a' phrothaid a fhuair e le bhith reic a' bhanca sin a cheannaich e pàirt de dh'Oighreachd Chloinn Dòmhnaill anns an Eilean Sgitheanach ann an 1972. Am measg sin bha fichead mìle acair de dh'fhearann, a' mhòr chuid dheth ann an Slèibhte ann an ceann a deas an eilein. Agus sann an sin, fo bhratach 'Fearann Eilean Iarmain', a stèidhich e gnìomhachas anns an robh iomadh meur, mar Taigh-Òsta Eilean Iarmain, companaidh uisge beatha, tuathanas, agus gnìomhachas iasgaich.

Ged as e a' Ghàidhlig ionnschadh a rinn Sir Iain, chuir e a' chànan aig meadhon a chuid obrach, le fiù 's poileasaidh a bhith a' fasdadh luchd-obrach le Gàidhlig air thoiseach air chaich. 'S ann bho strì a rinn esan a thàinig a' chiad shoighnichean-rathaid Gàidhlig riamh, agus sann aige a bha a' chiad leabhar-sheicichean Gàidhlig. 'S ann às an fheallsanachd sin a dh'èirich a' chiad cholaisde Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, agus mòran den t-saoibhreas a thàinig na cois anns a' cheàrnaidh sin den eilean.

Tha Seumas Dòmhnallach a' tachairt ri ceathrar a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain aig aon àm agus tha iad a' cuimhneachadh air na làithean a bh' aca còmhla agus cluinnidh sinn mun dìleab shònraichte a dh'fhàg Sir Iain Noble nach maireann.

30 minutes

Last on

Sun 26 Mar 2017 09:30

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain

Feadhainn a bha ag obair aig Fearann Eilean Iarmain
Mòrag NicAonghais, Màiri NicAoidh, Seumas Dòmhnallach, Ailean Caimbeul agus Bertie MacAonghais.

Broadcasts

  • Thu 23 Mar 2017 12:00
  • Thu 23 Mar 2017 22:10
  • Sun 26 Mar 2017 09:30