Feadhainn a bha ag obair ann an Ospadal Gheusdo
Feadhainn a bha ag obair ann an Ospadal Gheusdo anns an Aodann Bhà n còmhla ri chèile a-rithist. A reunion of former employees of Gesto Hospital in Edinbane, Skye.
Bho chionn còrr agus fichead bliadhna bha Ospadal Gheusdo, air neo Ospadal an Aodainn Bhà in, mar a bha aig feadhainn oirre, gu mòr anns na naidheachdan agus sluagh ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ag èirigh an aghaidh Bòrd Slà inte na Gà idhealtachd a bha am beachd an t-ospadal a dhùnadh. Shoirbhich leis a' choimhearsnachd an turas sin ach cha robh ann ach faochadh goirid, oir deich bliadhna an dèidh sin, ann an 2006, dhùin dorsan an ospadail airson an turas mu dheireadh. An-diugh 's e à ite-còmhnaidh do luchd-turais a th' ann. 'S ann le airgead à dìleab Choinnich MhicLeòid, fear de Chloinn 'IcLeòid Dhùn Bheagain a dh'fhosgail ospadal san Aodann Bhà n an toiseach ann an 1878. Bha MacLeòid an dèidh fhortan a dhèanamh ann an gnìomhachas a' ghuirmein (indigo) agus tì anns na h-Innsean.
Ghabh an NHS thairis ruith an ospadail ann an 1948 agus ged a bha seirbhisean meidigeach san Aodann Bhà n airson ùine mhath an dèidh sin, 's e dachaigh do sheann daoine a bh' ann air a' cheann thall. Tha Seumas Dòmhnallach a' tachairt air ceathrar a bha ag obair mar nursaichean aig aon à m aig Ospadal Gheusdo. 'S iad sin Norah NicGilp, Mòrag NicDhòmhnaill, Caroline NicAonghais agus Anne NicLeòid.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 13 Apr 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 13 Apr 2017 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Apr 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal