A' Bhò Ghlas, a' Bhò Dhonn agus a' Wireless le Donnchadh MacGillIosa agus Na h-Ailbhein Gaoithe le Fionnlagh Macleòid
Dà sgeulachd : A' Bhò Ghlas, a' Bhò Dhonn agus a' Wireless agus Na h-Ailbhein Gaoithe. Two short stories from acclaimed Gaelic writers Finlay Macleod and Duncan Gillies.
Tha an dithis bho bheil sinn a' cluinntinn san t-sreath seo air a bhith eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean - thogadh iad san aon sgìre ann a Leòdhas agus tha sgrìobhadh an dithis freumhaichte a sin ged nach eil macmeanmna duine seach duine dhan cuingealachadh ris.
Anns gach prògram san t-sreath tha Sgeulachd an Duine aig Donnchadh MacGillIosa agus Fionnlagh Macleòid à sgìre Nis. Eadar an dithis tha iad air nobhailean, aithrisean eachdraidh, deilbh-chluich agus sgeulachdan chloinne a chur ri litreachas na Gà idhlig ann an tomhais nach beag. Ach 's iad sgeulachdan do dh'inbhich a th' aca seo.
Tha iad a' tighinn bhon chruinneachadh Mà iri Dhall agus Sgeulachdan Eile aig Donnchadh MacGilliosa agus bho Dìomhanas aig Fionnlagh Macleòid - an dà chruinneachadh air fhoillseachadh le CLÀR bhon sgeama Ùr-Sgeul. B' e amas Ùr-Sgeul rosg Gaidhlig ùr do dh'inbhch a bhrosnachadh agus a chur an clò.
'S e amas Sgeulachd an Duine cuid de na sgeulachdan sin a sgaoileadh nas fharsaing na luchd-leughaidh, le cothrom a bhith dhan èisteachd agus dhan leantainn ann a sgrìobhadh aig an aon à m. 'S gheibh sibh sgrìobht' iad air a' là rach-lìn aig CLÀR aig clar.org.uk.
An-diugh, san dà rna prògram mu dheireadh san t-sreath, cluinnidh sinn A' Bhò Ghlas, a' Bhò Dhonn agus a' Wireless le Donnchadh MacGillIosa agus Na h-Ailbhein Gaoithe le Fionnlagh Macleòid.
Last on
Broadcasts
- Tue 13 Dec 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 13 Dec 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Dec 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal