Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain le Fionnlagh Macleòid agus Oidhche Gealaich le Donnchadh MacGillIosa

'S iad Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain agus Oidhche Gealaich a th' againn an-diugh. Two short stories from acclaimed Gaelic writers Finlay Macleod and Duncan Gillies.

Tha an dithis bho bheil sinn a' cluinntinn san t-sreath seo air a bhith eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean - thogadh iad san aon sgìre ann a Leòdhas agus tha sgrìobhadh an dithis freumhaichte a sin ged nach eil macmeanmna duine seach duine dhan cuingealachadh ris.

Anns gach prògram san t-sreath tha Sgeulachd an Duine aig Donnchadh MacGillIosa agus Fionnlagh Macleòid à sgìre Nis. Eadar an dithis tha iad air nobhailean, aithrisean eachdraidh, deilbh-chluich agus sgeulachdan chloinne a chur ri litreachas na Gàidhlig ann an tomhais nach beag. Ach 's iad sgeulachdan do dh'inbhich a th' aca seo.

Tha iad a' tighinn bhon chruinneachadh Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile aig Donnchadh MacGilliosa agus bho Dìomhanas aig Fionnlagh Macleòid - an dà chruinneachadh air fhoillseachadh le CLÀR bhon sgeama Ùr-Sgeul. B' e amas Ùr-Sgeul rosg Gaidhlig ùr do dh'inbhch a bhrosnachadh agus a chur an clò.

'S e amas Sgeulachd an Duine cuid de na sgeulachdan sin a sgaoileadh nas fharsaing na luchd-leughaidh, le cothrom a bhith dhan èisteachd agus dhan leantainn ann a sgrìobhadh aig an aon àm. 'S gheibh sibh sgrìobht' iad air a' làrach-lìn aig CLÀR aig clar.org.uk.

'S iad na sgeulachdan mu dheireadh againn Mac an t-Srònaich, Mac an t-Sàtain air a sgrìobhadh agus air a h-aithris le Fionnlagh Macleòid agus Oidhche Gealaich air a sgrìobhadh agus air a h-aithris le Donnchadh MacGillIosa.

30 minutes

Music Played

  • Rag’n’Bone Man

    Human

    • Human.
    • Sony Music Entertainment.
    • 1.

Broadcasts

  • Tue 20 Dec 2016 12:00
  • Tue 20 Dec 2016 22:00
  • Christmas Day 2016 12:30