An Dachaigh le Fionnlagh Macleòid agus Mr Noakes le Donnchadh MacGillIosa
Dà sgeulachd le Fionnlagh Macleòid 's le Donnchadh MacGillIosa. An Dachaigh agus Mr Noakes. Two short stories from acclaimed Gaelic writers Finlay Macleod and Duncan Gillies.
Tha an dithis bho bheil sinn a' cluinntinn san t-sreath seo air a bhith eòlach air a chèile fad bhliadhnaichean - thogadh iad san aon sgìre ann a Leòdhas agus tha sgrìobhadh an dithis freumhaichte a sin ged nach eil macmeanmna duine seach duine dhan cuingealachadh ris.
Anns gach prògram san t-sreath tha Sgeulachd an Duine aig Donnchadh MacGillIosa agus Fionnlagh Macleòid à sgìre Nis. Eadar an dithis tha iad air nobhailean, aithrisean eachdraidh, deilbh-chluich agus sgeulachdan chloinne a chur ri litreachas na Gà idhlig ann an tomhais nach beag. Ach 's iad sgeulachdan do dh'inbhich a th' aca seo.
Tha iad a' tighinn bhon chruinneachadh Mà iri Dhall agus Sgeulachdan Eile aig Donnchadh MacGilliosa agus bho Dìomhanas aig Fionnlagh Macleòid - an dà chruinneachadh air fhoillseachadh le CLÀR bhon sgeama Ùr-Sgeul. B' e amas Ùr-Sgeul rosg Gaidhlig ùr do dh'inbhch a bhrosnachadh agus a chur an clò.
'S e amas Sgeulachd an Duine cuid de na sgeulachdan sin a sgaoileadh nas fharsaing na luchd-leughaidh, le cothrom a bhith dhan èisteachd agus dhan leantainn ann a sgrìobhadh aig an aon à m. 'S gheibh sibh sgrìobht' iad air a' là rach-lìn aig CLÀR aig clar.org.uk.
Anns An Dachaigh tha cupal à Sheffield air taigh a cheannach faisg air a' chladach ann am baile croitearachd. Tha an sgeulachd air a sgrìobhadh agus air a h-innse le Fionnlagh Macleòid. Ann a Lunnainn a tha sinn a' coinneachadh ri Jerry, Sidney agus am bodach ann a Mr Noakes, air a sgrìobhadh agus air a h-innse le Donnchadh MacGillIosa.
Last on
Broadcasts
- Tue 6 Dec 2016 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 6 Dec 2016 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2016 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal