Seirbheis toiseach bliadhna, an t-Urr ÃŒomhair MÃ rtainn (2004)
Seirbheis toiseach bliadhn' ùr bho 2004 còmhla ris an Urr Ìomhair Mà rtainn, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. New Year service from 2004 with Rev Iver Martin, Stornoway Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn.
Salm 16: 8-9 agus 's e Calum MÃ rtainn a tha os cionn na seinn
Salm 69: 35-36 agus 's e an t-Urr Calum Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn. Chaidh na sailm a chlà radh ann an Eaglais Shaor a' Bhac .
Leughadh: Ecsodus 13: 11-22
Ceann-teagaisg: Ecsodus 13: 17-22
B' ann an sgìre Phà islig ann an Glaschu a rugadh 's a thogadh Ìomhair Mà rtainn - bha athair aig an à m na mhinistear aig an Eaglais Shaor anns an sgìre.
Às dèidh an sgoil fhà gail chaidh Ìomhair gu Colaiste Raibeart Gordon's ann an Obar Dheathain far an robh e ag ionnsachadh mu nithean eileagtronaigeach. Às dèidh dha ceumnachadh ann an 1980 chaidh e a dh'obair na innleadair ann an gnìomhachas micro-eileagtronaigeach far an robh e son dusan bliadhna.
Ann an 1992 chaidh Iomhair gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson foghlam na ministrealachd a thoirt a-mach.
Chuir e seachad ùine ghoirid ann an Steòrnabhagh an toiseach nuair a thà inig e mach na mhinistear agus às an sin chaidh e son sia bliadhna gu eaglais Bon Accord ann an Obar Dheathain. Thill e air ais a Steòrnabhagh an uairsin far an robh chun an-uiridh. Tha Maighstir Mà rtainn an-diugh na phrionnsapal air Seamanaraidh Dhiadhachd Dhùn Èideann. Tha Maighstir Mà rtainn pòsta aig Mà iri agus tha sianar chloinne agus seachdnar oghaichean aca. Is caomh leis a bhith dèanamh tòrr leughaidh nuair a gheibh e ùine dha fhèin.
Last on
An t-Urr ÃŒomhair MÃ rtainn
Broadcast
- Sun 3 Jan 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal