Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' searmonachadh tha an t-Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist

Còmhla ris an Urr Calum MacLeòid bho Eaglais Shaor Shiaboist. Gaelic religious service conducted by Rev Callum MacLeod, Shawbost Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 22: 22-23 air fonn Martyrdom agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 72: 5-7 air fonn Torwood agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.
Salm 36: 7-8 air fonn London New agus 's e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil.
Leughadh: Ephèsianaich 3: 13-24
Ceann-teagaisg: Ephèsianaich 3: 14

'S e an t-Urr Calum MacLeòid a tha na mhinistear an Eaglais Shaor Shiaboist air taobh siar Eilean Leòdhais a tha a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.
'S ann do bhaile Shuardail anns a Rubha a bhuineas Mgr MacLeòid. Fhuair e oideachadh ann am Bun-Sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-Sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ann an 1974 thoisich e air obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bha orra an uairsin, mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar is eòlaich sinn orra an-diugh.
Thàinig Mgr MacLeòid gu bhith na bhall ann an Eaglais Shaor an Rubha aig deireadh na seachdadan. Bha e cuideachd a' teagaisg anns an Sgoil Shàbaid, na dheucon agus an uairsin na èildeir anns a' choitheanal. Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhàg Mgr MacLeoid BT ann an 1997 agus a chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam aig Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist anns an Dàmhair 2000 far a bheil e fhathast. A bharrachd air a bhith a' frithealadh a' choitheanal aige tha Mgr MacLeòid cuideachd na chlàrc aig Clèir nan Eilean Siar.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, (rud nach bi a' tachairt ro thric) is caomh leis a bhith falbh air a' bhaidhsagail, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd. Grunn bhliadhnaichean air ais sgrìobh e a' chiad leabhar aige air eachdraidh Eaglais Shaor Shiaboist.

30 minutes

An t-Urr Calum MacLeòid

An t-Urr Calum MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 10 Jan 2016 09:00
  • Sun 10 Jan 2016 15:00