Main content
Sorry, this episode is not currently available

Pòl Moireach, oileanach ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann

Seirbheis còmhla ri Pòl Moireach a tha na oileanach san Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Paul Murray, a student in the Edinburgh Theological Seminary.

Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee le Alasdair MacNeacail os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 121: 1-3 air fonn French le Murchadh MacLeòid os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglaisean Leòdhais agus an Hearadh.
Salm 40: 16-17 air fonn Torwood le Iain Moireach os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.

Leughadh: 1 Samuel 7: 1-17
Ceann teagaisg: 1 Samuel 7: 12

Tha Pòl Moireach an-dràsta air crìoch a chuir air an dàrna bliadhna ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann far a bheil e a' trèanadh airson a bhith na mhinistear san Eaglais Shaor.

'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thìll e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.

Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann. Bha Pòl stèidhichte ann an coitheanal Chill Mhàilidh agus Àird nam Murchan tro shamhradh 2015.

Tha Pòl pòsta aig Annabel a bhuineas don Òb sna Hearadh agus tha nighean bheag aca, Màiri-Belle. Aig an ìre seo, chan eil mòran ùine aig Pòl airson cur-seachadan ach a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

Pòl Moireach

Pòl Moireach

Broadcasts

  • Sun 3 Jan 2016 09:00
  • Sun 3 Jan 2016 15:00
  • Sun 31 Jul 2016 09:00
  • Sun 31 Jul 2016 15:00