Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba 2003

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 2003 comhla ris an Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba. Gaelic religious archive service with Rev James MacDonald, Church of Scotland 2003.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Walsall agus 's e Coinneach MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 04: 7-8 air fonn Moravia agus 's e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Salm 102
Ceann-teagaisg: Salm 102: 2 & 13

Rugadh Seumas Dòmhnallach ann an sgìre Mhealaboist ann am Borgh air taobh Siar Eilean Leòdhais air an 9mh den Chèitean 1943. Bha triùir anns an teaghlach aige: e fhèin, a bhràthair a bhàsaich na leanabh agus a phiuthar Seonag. Bha athair Sheumais, Murchadh neo Murchadh Sheumais, ainmeil airson a bhith sgrìobhadh òrain: òrain cianalais, òrain cogaidh agus òrain èibhinn. Chaidh Seumas gu Bun-Sgoil Ghabhsainn agus an uairsin gu Àrd-Sgoil Lionail gus an do dh'fhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug nuair a chaidh e dhan a' Chabhlaich Mharsanta. Mar iomadach Leòdhasach eile chur e seachad bliadhnaichean aig muir a' siubhail an t-saoghail gus nas thill e air ais dhachaigh anns na tri ficheadan. Bha ceathrar chloinne aige fhèin agus a bhean Màiri Ann. Bha Seumas ag obair air a' bheairt airson iomadh bliadhna gus an deach a ghairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais dhan sgoil airson deuchainnean aig àrd-ìre a dhèanamh agus cothrom a thoirt dha a dhol dhan oilthigh mar oileanach Diadhachd fad ceithir bliadhna. Thill e air ais dhan eilein ann an 1983 agus chur e seachad bliadhna aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh a' toirt taic dha dheagh charaid, an t-Urramach Ruairidh Moireasdan. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha san Ògmhios 1984 far an robh e airson seachd bliadhna deug gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 2001. Bidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an coitheanalan air feadh nan eilean. Bhàsaich a bhean Màiri Ann ann an 2011. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' càradh agus ag ùrachadh àirneis agus thairis air na bliadhnaichean tha e air seann tractar 1955 Ferguson TEF20 ùrachadh. Nas tràithe am bliadhna phòs Mgr Dòmhnallach Morag NicRisnidh agus tha iad air an dachaigh a dhèanamh anns an sgìre far an do rugadh 's na thogadh e.

30 minutes

An t-Urr Seumas Dòmhnallach

An t-Urr Seumas Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 1 Nov 2015 21:00
  • Sun 16 Jul 2017 21:00