Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh còmhla ris an Urr. Coinneach Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba
Seirbheis airson Didòmhnaich Cuimhneachaidh còmhla ris an Urr. Coinneach Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba. A Remembrance Sunday service conducted by Rev Kenneth MacDonald.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean is an leughadh a leanas:
Salm 23 air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Tuireadh nan Treun air a sheinn le Dòmhnall MacLeòid
Salm 68: 19-20 air fonn Torwood agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Eòin: 19:23-29
Ceann-teagaisg: Eòin : 19: 23-29
'S e an t-Urramach Coinneach Dòmhnallach a bha na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba a tha searmonachadh dhuinn air an t-seachdain seo.
Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-Sgoil Inbhir Pheofharain agus an Oilthighean Ghlaschu is Chambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth a dhreuchd an sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na Mhinistear Cuideachaidh ann an Eaglais na h-Alba.
Bha e mu dheireadh an sàs anns an obair sin ann an Eaglais an Naoimh Pòil ann am Muileann Dhà bhaidh air iomall Ghlaschu.
Last on
An t-Urr Coinneach Dòmhnallach
Broadcasts
- Sun 8 Nov 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Nov 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Nov 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal