Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh

Còmhla ris an Urr Coinneach Dòmhnallach, Eaglais Shaor Leantainneach Sgalpaigh. Gaelic service conducted by Rev Kenneth MacDonald, Scalpay Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 61: 1-4 air fonn Walsall agus 's e Murchadh Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chnuic anns an Rubha. Chaidh seo a chlàradh air oidhche gu math fiadhaich a-rèir fuaim na gaoithe anns an eaglais.
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus 's e Iain A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilein Sgiathanaich.
Salm 59: 16-17 air fonn Kilmarnock agus 's e Seumas MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh iomadach bliadhna air ais.

Leughadh: Marcas 15: 1-28
Ceann-teagaisg: Marcas 15: 25

Rugadh agus thogadh Mgr Dòmhnallach ann an sgìre Phabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas. Às dèidh an sgoil fhàgail anns an Rubha agus Sgoil Mhicneacail a fhrithealadh chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd airson ceithir bliadhna ann an Steòrnabhagh.
Às dèidh pòsadh, chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Inbhir Nis airson greiseag agus an uair sin thill iad air ais a Steòrnabhagh far an robh iad a' ruith bùth ùine ghoirid. Tha dithis bhalach aca agus dusan ogha, agus tha fear de na balaich na mhinistear ann an sgìre Nis ann an Leòdhas.
Thàinig atharrachadh ann am beatha Mhaighstir Dhòmhnallaich ann an 1987 agus chaidh e a dh'obair chun na buidhne Tear Fund ann am Bangladesh airson dà bhliadhna. Às a sin ghluais e gu miseanaraidh ann an Afraga a Deas far an robh e cuideachadh le bhith a' leasachadh 's a' càradh eaglaisean, a' togail eaglaisean ùra agus a' searmonachadh bho àm gu àm cuideachd.
Ann an 1993, thill Maighstir Dòmhnallach air ais dhan dùthaich agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Dùn Èideann. Fhuair e fios bho choitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Snìosoirt san Eilean Sgiathanach ann an 1997 agus bha e a' frithealadh a' choitheanail sin gu 2008. Anns an Dùbhlachd 2008 chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Leantainneaach Sgalpaigh.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin is caomh leis a bhith ag iasgach, a' leughadh, a' dèanamh beagan DIY agus a' cur seachad ùine còmhla ri theaghlach.

30 minutes

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 1 Nov 2015 09:00
  • Sun 1 Nov 2015 15:00