Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann - An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba 1994

Seirbheis bho 1994 leis an Urr Coinneach Dòmhnallach, ministear-cuideachaidh aig Eaglais na h-Alba. Service from 1994 with Rev Kenneth MacDonald, ass. minister Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh e leanas;
Salm 23: 1-3 & 7 air fonn Crimond agus Salm 89: 15-18 air fonn Newington. 'S e coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu a tha seinn na sailm.

Leughadh: 2 Eachdraidh 34: 1-5 & 18-28
Ceann-teagaisg :2 Eachdraidh 34: 3

Rugadh is thogadh Coinneach Dòmhnallach air a' Chomraich air taobh siar Siorrachd Rois. Chaidh e tron fhoghlam an Àrd-Sgoil Inbhir Pheofharain agus an oilthighean Ghlaschu is Cambridge. Fad iomadh bliadhna, bha e na òraidiche ann an Roinn na Ceiltise an Oilthigh Ghlaschu. Nuair a leig e dheth an dreuchd sin, rinn e cùrsa-trèanaidh gu bhith na mhinistear-cuideachaidh an Eaglais na h-Alba. Bha e airson grunn bhliadhnaichean na mhinistear-cuideachaidh aig Eaglais an Naoimh Pòil ann am Muileann Dhabhaidh air iomall Ghlaschu.

30 minutes

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach

Broadcast

  • Sun 16 Aug 2015 21:00