Aifreann Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas 2015
An Canan D MacAoidh le aifreann mar phà irt dhan Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas 2015. Canon Donald MacKay with the 20th anniversary mass from Ceòlas Summer School.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na leanas:
'S e Còisir Naomh Peadar a tha os cionn na seinn ach an salm a-mhà in, a tha air a sheinn le Mà iri NicAonghais.
Leughaidhean:
Leabhar Eseciel 2: 2-5
Corintianaich 12: 7-10
Marcus 6: 1-6
A' leughadh bha Seasaidh Steele agus Mà iri NicAonghais. A' cluich nan innealan-ciùil bha Patsy Seddon, Howie Dòmhnallach agus Pauline NicDhòmhnaill.
Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Mà thair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spà inn, a bha stèidhichte aig an à m sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.
Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spà inn airson sia bliadhna agus b' ann aig an à m sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.
Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhà gh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhà saich a mhà thair dìreach beagan là ithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an là thair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeidh.
Bha ùidh mhòr aige ann a bhith a' leughadh agus a bhith a' leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gà idhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu mòr a' sàs ann a bhith a' toirt taic is brosnachadh don Sgoil Ciùil Shamhraidh aig Ceòlas gach bliadhna, sgoil chiùil a tha stèidhichte an teis-meadhan na coimhearsnachd a' brosnachadh nan ceanglaichean sònraichte eadar ceòl, dannsa agus seinn. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chiùil a' tòiseachadh le aifreann Ghà idhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr Dòmhnall a bhiodh os cionn an aifreann. Chaidh aifreann Cheòlais a chluinneas sibh an seo a chlà radh ann an 2015 nuair a bha iad a' comharrachadh fichead bliadhna den sgoil chiùil. Goirid às dèidh sin fhuair Mgr Dòmhnall an naidheachd dhuilich gun ro e fulang le aillse. Thar nam mìosan chum e a' dol le inntinn là idir a' frithealadh na paraiste aig an aon à m 's a bha e a' frithealadh an ospadail. Bhà saich Mgr Dòmhnall air an 13rmh den Lùnastal 2017.
Last on
Broadcasts
- Sun 12 Jul 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jul 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Dec 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Jul 2016 20:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Aug 2017 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jul 2020 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal