An t- Urr Iain A MacIllÃŒosa, Eaglais Shaor Ghaidhealach Phartaig bho 1995
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain A MacIllÌosa, Eaglais Shaor Ghaidhealach Phartaig 1995. Gaelic archive service conducted by Rev John A Gillies, Partick Free Church, from 1995.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 86: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn agus Salm 147: 3-5 air fonn Coleshill agus Dòmhnall C Dòmhnallach os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann
Leughadh: Mata 16: 13-28
Ceann-teagaisg: Mata 16: 18
Rugadh agus thogadh Mgr MacIllÌosa ann a sgìre Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach . Às dèidh dha bhith deiseil ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Thug e mach dreuchd na ministrealachd ann an 1961 agus chur e seachad a' chiad bhliadhna a' searmonachadh ann an Eilean a' Phrionnsa ann an Canada. Thill e air ais dhan dùthaich seo agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Ghleann Urchardan far an robh e gu 1969. Fhuair e fios an uairsin bho choitheanal Phòl Iù far an robh e gus an do ghluais e a Ghlaschu.
Chaidh Mgr MacIllÌosa a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Ghà idhealach Phartaig ann an 1981. Bha e na mhodarà tor air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1988 agus cuideachd chuir e seachad sia mìosan ann an Livonia ann an Ameireagaidh. Thadhail e cuideachd air Bosnia dà thuras.
Às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad bha Mgr MacIllÌosa na mhinistear aig an Eaglais Shaor Leantainneach ann a Nis airson trì bliadhna agus bidh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m ann an Coitheanalan san Eilean Sgiathanach, air an taobh siar agus ann an Cataibh.
Last on
An t- Urr Iain A MacIllÃŒosa
Broadcast
- Sun 23 Aug 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal