Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: An t-Urr Eachann Moireasdan, Eaglais na h-Alba 2000. 2/2

Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Eachann Moireasdan bho 2000. Gaelic archive service from 2000 conducted by Rev Hector Morrison, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais an h-Alba ann am Barabhas a tha os cionn na seinn.
Salm 09: 9-10 air fonn Bangor agus 's e Murchadh MacIllFhinnein le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu a tha os cionn na seinn.
Salm 133: 1-2 air fonn Torwood agus 's e Uilleam Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Genesis 37: 2-11 & 1: 15-20
Ceann-teagaisg: Genesis 37: 2

Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phàrantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhàthair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach aige agus b' esan an dàrna duine bu shine.

Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phàirt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.

Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllFhinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachd naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhic dhaibh aig an àm sin, Neil agus Ruaraidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghàidhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chànan.

Ann an 1990 ghluais iad a Loch Aillse - b' e a' chiad ministear a bha air a' choitheanal sin. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse agus 's e Cailean a thug iad air. Cho fad 's a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh. Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a thòisich e fhèin agus feadhainn eile a' cur air chois Ionad Diadhachd na Gàidhealtachd.

'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gàidhealtachd, a chaidh a stèidheachadh ri taobh Colaiste Mhoireibh, a chur air chois. Bha an t-ionad mar phàirt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gàidhealtachd.

Thòisich iad ann an ionad beag ann an 1994 ri taobh Colaiste Mhoireibh agus chaidh àite nas motha a thoirt dhaibh aig a' cholaiste ann an ùine gu math goirid. Aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an t-ainm gu Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd.

Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 5 Jul 2015 21:00