An t- Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba Inbhir Ghòrdain
Còmhla ris an Urr Coinneach D MacLeòid, Eaglais na h-Alba Inbhir Ghòrdain. Gaelic religious service conducted by Rev KD MacLeod, Church of Scotland, Invergordon.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 89: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 103: 8-10 air fonn London New agus 's e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Mà iri NicAonghais a' seinn an laoidh Mìorbhail Grà is.
Leughadh: Ephèsianaich2: 1-10
Ceann teagaisg: Ephèsianaich 2:8
Tha an t-Urramach MacLeòid na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an Inbhir Ghòrdain far a bheil e a' fuireach còmhla ri Kathleen, a bhean, agus an triùir chloinne, Daibhidh, Mà iri is Rut. Bha e roimhe sin na mhinistear ann an sgìre Bheà rnaraigh ann an Leòdhas fad deich bliadhna. 'S e Beà rnaraigh a' chiad choitheanal a bh' aige às dèidh dha thighinn a-mach na mhinistear.
'S ann do sgìre Shiadair air taobh siar Eilean Leòdhais a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Dh' fhà g e an sgoil aig 15 agus chaidh e a dh'obair ann am bùth agus oifis pùist an teaghlaich ann an Siadar agus bhiodh e a' siubhal le bhan timcheall bailtean an taobh siar eadar Gabhsann is Barabhas. Chaidh a' bhùth a reic agus chaidh esan air ais dhan sgoil. Chaidh e a Sgoil MhicNeacail agus às an sin chaidh e a dh'Oilthigh Ghlaschu mus tà inig e a-mach na mhinistear.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin (agus chan ann tric a bhios sin) bidh e dol a-mach leis a' chamara. 'S toigh leis a bhith a' togail dheilbh, a' coiseachd leis a' chù agus a' dol mun cuairt air a' bhaidhsagal a' tadhal air muinntir na sgìre.
Bho à m gu à m, bidh an t-Urramach MacLeòid a' gabhail na seirbheis Ghà idhlig a thathar a' cumail ann an Ionad Choimhearsnachd Inbhir Pheofharain uair sa mhìos.
Last on
An t- Urr Coinneach D MacLeòid
Broadcasts
- Sun 5 Jul 2015 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jul 2015 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal