Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein

Seirbheis còmhla ri Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service conducted by John A MacMillan.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
"O Thig A-nuas a Spiorad Naomh" air a sheinn le còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhàgh a Tuath ann am Barraigh.
"An Coisrigeadh Mallaigeach" air a sheinn le Maeve NicFhionghuin agus "Dèan Dhòmhsa Tuigse" air a sheinn le Donaidh Murdo MacLeòid.

Leughadh: Ephèsianaich 4: 1-13

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus ann an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Òg mhìos, 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.

Dh'fhàg e dreuchd na sagartachd agus chaidh e a dh'obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad.

Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, Màiri, agus an dithis chloinne, Harriet agus Mata.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt, far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach.

Air a shlighe a dh'obair, bidh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh - gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh tòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig.

Bidh Iain Eàirdsidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann uair gach sia gu ochd seachdainean.

30 minutes

Last on

Sun 21 Jun 2015 15:00

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Broadcasts

  • Sun 21 Jun 2015 09:00
  • Sun 21 Jun 2015 15:00