An t-Oll Urr Iain A MacLeòid bho 2002 2/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Oll. Urr Iain A MacLeòid bho 2002. Gaelic archive service conducted by Prof John A MacLeod from 2002.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois
Salm 78:52-54 air fonn Evan agus 's e Dòmhnall Iain MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Rubha
Leughadh:Ecsodus 20: 1- 18
Ceann-teagaisg Ecsodus 20: 8-11
Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956.
Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grunn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na ministrealachd thìll e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cà nain a' Bhìobaill. Chaidh e an uair sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain.
Tha Mgr MacLeòid an-diugh na Iar Cheannard air Colaiste na h-Eaglaise Saoire no, mar a tha an togalach air ainmeachadh às ùr, Seamanaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far a bheil e a' teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dhan na h-oileanaich.
Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cur seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib nan cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a' ghà rradh agus a' rannsachadh teicneolais ùr.
Last on
An t-Oll. Urr Iain A MacLeòid
Broadcasts
- Sun 21 Jun 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Sep 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal