Tasglann: An t-Oll. Urr Iain A MacLeòid 2002 1/2
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Oll. Urr Iain A MacLeòid bho 2002. Gaelic archive service from 2002 conducted by Prof John A MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 66: 17-20 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 68: 18-19 air fonn Montrose agus 's e Uilleam Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Leughadh: Gnìomharan nan Abstol 1: 1-14
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 1: 9-11
Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956.
Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grunn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na ministrealachd thìll e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cà nain a' Bhìobaill. Chaidh e an uair sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain.
Tha Mgr MacLeòid an-diugh na Iar Cheannard air Colaiste na h-Eaglaise Saoire no, mar a tha an togalach air ainmeachadh às ùr, Seamanaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far a bheil e a' teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dhan na h-oileanaich.
Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cur seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib nan cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a' ghà rradh agus a' rannsachadh teicneolais ùr.
Last on
An t-Oll. Urr Iain A MacLeòid
Broadcasts
- Sun 14 Jun 2015 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Sep 2019 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal