Arras agus Cladh St Catherine
Dòmhnall Meek an tòir air sgeul brà thair a sheanmhar a chaill a bheatha aig Blà r Arras 1917. Donald Meek follows the footsteps of his great uncle to Arras, where he died in 1917.
Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, brà thair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blà r Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là , na cairtean-posta, a' bhà rdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead.
Sa phrògram mu dheireadh tha Dòmhnall a' ruighinn an là raich far an d' fhuair Iain bàs aig a Railway Triangle ann an Arras agus e a' sabaid còmhla ri feachd nan Earra-Ghaidhealach agus nan Sutharlannach air a 9mh den Ghiblean 1917. Tha e cuideachd a' tadhal air à ite air a robh smuaintean Iain aig an taigh ann an Tioriodh goirid mus do bhà saich e. An sin rinn Dòmhnall bà rdachd, Feamainn Ghrod, a tha là n shamhlaidhean mu fhà ileadh grod a' bhà is. Às dèidh a bhith aig uaigh Iain ann an Cladh St Catherine, sgrìobh e Not Forgotten in Caolis, Tiree. Mu dheireadh cluinnidh sinn dà òran a chaidh a dhèanamh do dh'Iain - an cumha a rinn Oighrig NicDhòmhnaill dha agus a' bhà rdachd a rinn Dòmhnall Meek, Iain Againn Fhìn, agus ris na chuir Mairi Anna NicUlaraig ceòl.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 13 Nov 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 13 Nov 2014 22:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Apr 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Apr 2017 22:12Â鶹Éç Radio nan Gà idheal