Arras agus Beaumont Hamel
Dòmhnall Meek an tòir air sgeul brà thair a sheanmhar a chaill a bheatha aig Blà r Arras 1917. Donald Meek follows the footsteps of his great uncle to Arras, where he died in 1917.
Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, brà thair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blà r Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là , na cairtean-posta, a' bhà rdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead. Anns an dà rna prògram tha Dòmhnall aig Arras san Fhraing a' dol chun na dearbh à itichean anns am biodh Iain a' sabaid ann a leithid Beaumont Hamel aig a' Somme.
Tha sinn cuideachd a' faighinn dealbh air beatha là itheil an t-saighdeir eadar ullachadh airson a dhol a shabaid, acras is eile tro na litrichean a bhiodh Iain a' cur dhachaigh.
Tha Dòmhnall fhèin air a ghluasad gu bà rdachd chumachdach a sgrìobhadh aig Beaumont Hamel.
Last on
Broadcasts
- Wed 12 Nov 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Nov 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Apr 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Apr 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal