16/11/2014
Dòmhnall Meek an tòir air sgeul brà thair a sheanmhar a chaill a bheatha aig Blà r Arras 1917. Donald Meek follows the footsteps of his uncle to Arras, where he was killed in 1917.
Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, brà thair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blà r Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là , na cairtean-posta, a' bhà rdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom, dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead. Tha stòiridh Iain air leantainn ri Dòmhnall fad a bheatha agus a seo tha e ag innse mu bheatha thrà th ann an Tiriodh agus an Canada, agus a' dol dhan Fhraing a dh' fhaicinn dha fhèin far na thuit Iain agus far a bheil e an-diugh na shìneadh còmha ri na mìltean eile nach do thill.
Last on
More episodes
Previous
Next
Coming soon
Broadcasts
- Sun 16 Nov 2014 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Apr 2017 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal