A bheatha an Tiriodh 's an Canada gu toiseach a' Chogaidh
Dòmhnall Meek an tòir air sgeul brà thair a sheanmhar a chaill a bheatha aig Blà r Arras 1917. Donald Meek traces the footsteps of his great uncle to Arras, where he died in 1917.
Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, brà thair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blà r Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là , na cairtean-posta, a' bhà rdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead. Tha stòiridh Iain air leantainn ri Dòmhnall fad a bheatha agus anns a' chiad phrògram tha sinn a' faighinn beachd air a bheatha thrà th ann an Tiriodh, an Canada, agus aig toiseach a' chogaidh.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Tue 11 Nov 2014 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 11 Nov 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 3 Apr 2017 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 3 Apr 2017 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal