Sìnt sa Bhlà r 2
Turas phearsanta gu là raich a' Chiad Chogaidh san Fhraing agus sa Bheilg. A personal pilgrimage to the French and Belgian battlefields of World War One.
Anns a' phrògram seo, tha Dòmhnall Mà rtainn, a bhean Sandra agus Niall MacAmhlaigh a' gabhail cuairt dhan Bheilg agus dhan Fhraing.
Bha 'd a' siubhal air bus, a dh'fhalbh à Inbhirnis, an cois buill bho Chomann Rèisimeid Ghà idhealach na Banrigh.
An-diugh, tha 'd a' gabhail tro sgìre an Somme sa Fhraing, far an deach call brùideil a dhèanamh tro mhìosan an t-samhraidh agus an earraich 1916. Chaidh millean neach a leòn neo a mharbhadh ann am batail a Somme.
Tha 'd a' tadhal air ìomhaigh saighdear Gà idhealach aig cuimhneachean do fheachd a 51st Highland Division aig Beaumont Hamel, agus sgrìobhte fodha, ann an Gà idhlig, na briathran, Là a' Bhlà ir 's Math na Cà irdean.
Aig La Boisselle, tha 'd a' coiseachd mu chuairt an t-slochd as motha a chruthaicheadh le spreadhadh san talamh air a Western Front - Slochd Lochnagar.
Cluinnear mu taigh-tasgaidh beag do na Sìophartaich, a tha cà raid Frangach air cruthachadh anns an t-sabhal aca.
Agus anns a' Bheilg, tha Niall a' faighinn lorg air uaigh brà thair-athar ann an Cladh nan Sìophartach aig Cheddar Villa.
Cluinnear cuideachd mu mar a tha cuirp shaighdearean fhathast gan lorg 100 bliadhna an dèidh là imh, 's mu mar a tha armachd fhathast a' laighe san talamh 's a' marbhadh dhaoine.
Agus ann am baile Ypres, tha Dòmhnall, Sandra agus buill a' Chomainn a' gabhail pà irt ann an seirbheis aig a Menin Gate.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 2 Sep 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 2 Sep 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Sep 2014 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 31 Dec 2014 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal