Sìnt sa Bhlà r
Turas pearsanta gu là raich a' Chiad Chogaidh san Fhraing agus sa Bheilg.
A personal pilgrimage to the French and Belgian battlefields of the First World War.
Ann a 2014 ghabh Dòmhnall Mà rtainn, a bhean Sandra agus Niall MacAmhlaigh cuairt gu raointean-cogaidh na Beilg agus na Frainge airson faicinn far an deach seanair Sandra agus brà thair-athar Nèill a chall sa Chiad Chogadh. Bha 'd a' siubhal air bus, a dh'fhalbh à Inbhirnis, an cois buill bho Chomann Rèisimeid Ghà idhealach na Banrigh.
Thadhail iad an toiseach, air Cladh Tyne Cot sa Bheilg, an cladh as motha ann an sgìre a Western Front le 12,000 neach air an cà radh ann. A mach air a sin, tha faisg air 34,000 saighdear Breatannach air an ainmeachadh air balla a' chlaidh - feadhainn air nach deach lorg fhaighinn a-riamh. 'S nam measg, tha seanair Sandra, Alaig Mac an Lèigh à Bail' an Truiseil ann a Leòdhas. Bha e na phìobaire san arm 's chaidh a chall aig Passchendaele san Dà mhair 1917. Thadhail iad air taigh-tasgaidh Passchendaele 's air tunailean fo thalamh far an tà inig air saighdearean Bhreatainn iad fhèin a stèidheachadh. Às a sin, tha iad a'dol gu carragh-cuimhne do na Sìophairtaich ann an ceann a tuath na Frainge.
Dlùth do bhaile Roeux, tha 'd a' stad aig Cladh Brown's Copse, far an d'fhuair Dòmhnall lorg air uaigh saighdear Leòdhasach, agus aig Vimy Ridge, far am bheil e comasach coiseachd mu chuairt trainnsichean a' chogaidh agus far am bheil carragh-cuimhne mòr do fheachdan Chanada.
Tha iad a' gabhail tro sgìre an Somme sa Fhraing, far an deach call brùideil a dhèanamh tro mhìosan an t-samhraidh agus an earraich 1916. Chaidh millean neach a leòn neo a mharbhadh ann am batail a Somme.
Chunnaic iad cuideachd ìomhaigh saighdear Gà idhealach aig cuimhneachean do fheachd a 51st Highland Division aig Beaumont Hamel, agus sgrìobhte fodha, ann an Gà idhlig, na briathran, Là a' Bhlà ir 's Math na Cà irdean.
Aig La Boisselle, tha 'd a' coiseachd mu chuairt an t-slochd as motha a chruthaicheadh le spreadhadh san talamh air a Western Front - Slochd Lochnagar.
Cluinnear mu thaigh-tasgaidh beag do na Sìophartaich, a tha cà raid Frangach air cruthachadh anns an t-sabhal aca. Agus anns a' Bheilg, tha Niall a' faighinn lorg air uaigh brà thair-athar ann an Cladh nan Sìophartach aig Cheddar Villa. Cluinnear cuideachd mu mar a tha cuirp shaighdearean fhathast gan lorg 100 bliadhna an dèidh là imh, 's mu mar a tha armachd fhathast a' laighe san talamh 's a' marbhadh dhaoine.
Agus ann am baile Ypres, tha Dòmhnall, Sandra agus buill a' Chomainn a' gabhail pà irt ann an seirbheis aig Geata Menin.
Last on
Broadcasts
- New Year's Day 2015 13:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Nov 2018 09:33Â鶹Éç Radio nan Gà idheal