Sìnt sa Bhlà r 1
Turas phearsanta gu là raich a' Chiad Chogaidh san Fhraing agus sa Bheilg. A personal pilgrimage to the French and Belgian battlefields of World War One.
Anns a' phrògram seo, tha Dòmhnall Mà rtainn, a bhean Sandra agus Niall MacAmhlaigh a' gabhail cuairt dhan Bheilg agus dhan Fhraing.
Bha 'd a' siubhal air bus, a dh'fhalbh à Inbhirnis, an cois buill bho Chomann Rèisimeid Ghà idhealach na Banrigh.
Chaidh seanair Sandra agus brà thair-athar Nèill a chall sa Chiad Chogadh.
An toiseach, tha iad a' tadhal air Cladh Tyne Cot sa Bheilg. Seo an cladh as motha ann an sgìre a Western Front le 12,000 neach air a chà radh ann. A mach air a sin, tha faisg air ceithir-deug thar fhichead mìle saighdear Breatannach air an ainmeachadh air balla a' chlaidh - feadhainn air nach deach lorg fhaighinn a-riamh.
'S nam measg, tha seanair Sandra, Alaig Mac an Lèigh à Bail' an Truiseil ann a Leòdhas. Bha e na phìobaire san arm 's chaidh a chall aig Passchendaele san Dà mhair 1917.
Tha iad cuideachd a' tadhal air taigh-tasgaidh Passchendaele 's air tunailean fo thalamh far an tà inig air saighdearean Bhreatainn iad fhèin a stèidheachadh. Às a sin, tha iad a'dol gu carragh-cuimhne do na Sìophairtaich ann an ceann a tuath na Frainge.
Dlùth do bhaile Roeux, tha 'd a' tadhal air Cladh Brown's Copse, far an d'fhuair Dòmhnall lorg air uaigh saighdear Leòdhasach.
Agus thadhal iad air Vimy Ridge, far am bheil e comasach coiseachd mu chuairt trainnsichean a' chogaidh agus far am bheil carragh-cuimhne mòr do fheachdan Chanada.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 26 Aug 2014 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 26 Aug 2014 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Aug 2014 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 30 Dec 2014 08:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal