Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann Moireasdan 1995 - 1/2

1/2. Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Eachann Moireasdan bho 1995. Gaelic archive service from 1995 conducted by Rev Hector Morrison, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, an laoidh agus an leughadh a leanas:

Salm 145: 1-3 air fonn Evan agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Salm 24: 7-9 air fonn Bedford agus 's e Aonghas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh.
Chaidh an laoidh 'Seinn an Duan' a' sgrìobh Aonghas MacIllEathain à Tiriodh a sheinn le Màiri Mhoireasdan

Leughadh: Eòin 17: 1-5
Ceann-teagaisg: Eòin 17: 1-5

Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Steòrnabhagh. 'S ann à Grabhair a bha a phàrantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mhàthair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach aige agus b' e an dàrna duine bu shine.

Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar phàirt den trèanadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.

Phòs Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige san Dùbhlachd 1981. Chuir e seachd naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhic dhaibh aig an àm sin, Neil agus Ruaraidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Ghàidhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus thòisich e air searmonachadh sa chànan.

Ann an 1990 ghluais iad a Loch Aillse - b' e a' chiad ministear a bha air a' choitheanal sin. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse - 's e Cailean a thug iad air. Cho fad 's a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh. Ghluais iad à Loch Aillse ann an 1994 nuair a thòisich e fhèin agus feadhainn eile a' cur air chois ionad Diadhachd na Gàidhealtachd.

'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu mòr air cùlaibh Ionad Diadhachd na Gàidhealtachd, a chaidh a stèidheachadh ri taobh Colaiste Mhoireibh, a chur air chois. Bha an t-ionad mar phàirt de dh'ionadan is colaistean a bha air an stèidheachadh fo bhratach Oilthigh na Gàidhealtachd.

Thòisich iad ann an ionad beag ann an 1994 ri taobh Colaiste Mhoireibh agus chaidh àite nas motha a thoirt dhaibh aig a' cholaiste ann an ùine gu math goirid. Aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fhèin aca. Dh'atharraich iad an t-ainm gu Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd.

Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.

30 minutes

An t-Urr Eachann Moireasdan

An t-Urr Eachann Moireasdan

Broadcast

  • Sun 8 Jun 2014 21:00