An t-Urr Tommy MacFhionghuin
Còmhla ris an Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Tommy MacKinnon, Free Church Minister.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 34: 1-2 air fonn Walsall agus os cionn na seinn tha Eòin Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh .
Salm 32: 1-2 air fonn Martyrdom agus os cionn na seinn tha Tormod MacIllIosa le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach
Salm 36: 9-10 air fonn Coleshill agus os cionn na seinn tha Iain Ailig MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Ùige an Eilein Sgiathanaich
Leughadh: Corintianaich 5: 17-21
Ceann-teagaisg: Corintianaich 5: 17
'S e an t-Urr Tommy MacFhionghuin a tha a' searmonachadh dhuinn ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo. Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear air coithional Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh gu bho chionn trì bliadhna.
'S ann às an Aodann Bhà n, san Eilean Sgiathanach, a tha Mgr MacFhionghuin agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig deug. Às dèidh an sgoil fhà gail, fhuair e obair a' cà radh innealan ( 's dòcha gu bheil sin follaiseach chun an là 'n-diugh mar a chì sibh san dealbh).
Phòs Mgr MacFhionghuin a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca - dithis bhalach agus nighean, agus a-nise tha dithis òghaichean aige.
Às dèidh tubaist le car ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig à rd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d'fhuair e teisteanas ann an Gà idhlig, Beurla agus Modern Studies. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.
Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear ann a sgìre Earra Ghà idheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e seachd bliadhna, agus às an sin gu siorrachd Rois.
Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghuin ann an innealan, gu h-à raidh ann an motair-baidhsagalan.
Last on
An t-Urr Tommy MacFhionghuin
Broadcasts
- Sun 8 Jun 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Jun 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Sep 2014 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Sep 2014 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal