Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt

Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic religious service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 72: 12-14 air fonn Torwood agus 's e Ruairidh Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois ann an Nis.
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 119: 105-107 air fonn Moravia agus 's e Seonaidh Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Uige, an Eilean Sgitheanaich.

Leughadh : Galàtianaich 3: 1-14
Ceann-teagaisg: Galàtianaich 3: 6 & 10
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Ghluais e fhèin agus an teaghlach à Glaschu dhan Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Òrasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 15 Jun 2014 15:00

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

An t-Urr Murchadh A MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 15 Jun 2014 09:00
  • Sun 15 Jun 2014 15:00