10/11/2013
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh bho 1988 còmhla ris an Urr Iain (Jack) MacLeòid. Archive Remembrance Service from 1988, conducted by the late Rev John (Jack) MacLeod.
Salm 72: 5-7 air fonn Torwood, os cionn na seinn tha Murchadh MacLeòid.
Salm 145: 13-14 air fonn Bedford, os cionn na seinn tha Alastair MacAoidh
Salm 68:10-12 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha Calum MacLeòid
Salm 18:34-35 air fonn New London, os cionn na seinn tha Calum MacAoidh
Salm 24:9-10, air fonn Stornoway, os cionn na seinn tha Dòmhnall MacLeòid
Chaidh na sailm air fad an clà radh ann an Eaglais Shaor an Rubha.
Leughadh: Isaiah 8: 22 - 9:31
Ceann-teagaisg: Isaiah 9:5-7
Rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid (Jack) ann an Detroit, a' chiad mac aig Ceit agus Murchadh MacLeòid à Siabost. Rinn athair is mà thair Mhgr MhicLeòid imrich gu Detroit anns na ficheadan. Gu h-iongantach ged a b' ann à Siabost a bha an dithis 's ann an Detroit a choinnich iad agus a phòs iad. Rugadh Jack anns an Ògmhios 1926 's cha robh e ach bliadhna a dh'aois nuair a thill iad air ais a Leòdhas.
Rugadh an còrr den teaghlach ann an Siabost; dithis nighean agus dithis ghillean. Chaidh Mgr MacLeòid a Bhun-sgoil Shiabost agus an uair sin gu Àrd-Sgoil MhicNeacail. Chaidh a ghairm dhan chogadh, dhan Chabhlach Rìoghail, agus theab e a bheatha chall dà thuras nuair a chaidh am bà ta air an robh e a chur fodha ach cha do bhruidhinn e riamh mòran air mar a thachair dha.
Thill Mgr MacLeòid air ais a Shiabost às dèidh a' chogaidh agus thòisich e ag obair air na clòithtean. Thà inig atharrachadh na bheatha, agus dh'fhairich e gairm gu obair na ministrealachd. Le glè bheag de chothroman foghlaim aige roimhe seo, b' fheudar dha a dhol dhan oilthigh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èidinn agus chuir e seachad trì bliadhna an uair sin ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Choinnich Mgr MacLeòid ri bhean Mairead nuair a bha e na oileanach ann an Dùn Èideann agus phòs iad às dèidh dha cead-searmonachaidh fhaighinn.
Chuir e seachad a' chiad trì bliadhna den mhinistrealachd na iar-mhinistear air coitheanal a' Ghearastain ann an Ontario, Canada.
Thà inig iad a dh'fhuireach a Leòdhas ann an 1959, far an deach a phòsadh ri Eaglais Shaor na Pà irce, coitheanal a bha e a' frithealadh airson ochd bliadhna. Ann an 1967, agus ceathrar a theaghlach a-nise aca, fhuair Mgr MacLeòid gairm gu Eaglais Shaor Thoronto far an do chuir e seachad sia bliadhna.
Anns an Ògmhios 1973, thill an teaghlach air ais dhan rìoghachd agus chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Lunnainn far an robh e airson ceithir bliadhna.
'S ann aig Eaglais Shaor an Rudha a chrìochnaich Mgr MacLeòid an obair aige mar mhinistear os cionn coitheanal agus chaidh a phòsadh ris a' choitheanal sin ann an 1977. Fhads a bha e na mhinistear an sin bha e gu math tinn airson ùine às dèidh obair-lannsa air a chridhe. Bha e na mhodarà tair air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1987. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Mar mhinistear air coitheanal bha Mgr MacLeòid an còmhnaidh a' gabhail ùidh anns na bha dol air adhart sa sgìre far an robh e stèidhichte. Bhiodh e dol gu coinneamhan anns a' choimhearsnachd agus an còmhnaidh a' toirt taic dhaibh. Bha ùidh mhòr aige ann am ball-coise cuideachd.
Chaidh Mgr MacLeòid 's a bhean a dh'fhuireach a Shiabost airson grunn bhliadhnaichean às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, ach mu dheireadh, ri linn dìth na slà inte agus feum aige a bhith frithealadh an ospadail tric, ghluais iad a Steòrnabhagh. Anns an Iuchar 2001, dìreach bliadhna mus do chaochail e, ged nach robh e cumail cho math, chaidh e gu banais a' chiad ogha aige anns an Òlaind. Chaochail Mgr MacLeòid san Iuchar 2002.
Last on
More episodes
An t-Urramach Iain (Jack) MacLeòid, nach maireann
Ceumnachadh
An t-Urramach Iain (Jack) MacLeòid agus a bhean, Mairead
Broadcast
- Sun 10 Nov 2013 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal