10/11/2013
An t-Urr Donaidh MacSuain le seirbheis airson Didòmhnaich Cuimhneachaidh. Rev Donnie MacSween with a special Remembrance Sunday service.
Anns an t-seirbheis airson Didòmhnaich Cuimhneachaidh cluinnidh sibh na sailm, an laoidh agus na leughaidhean a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn tha Tòmas Moireasdan le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh
Salm 62: 7-8 air fonn Moravia, os cionn na seinn tha Aonghas MacSuain le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Scalpaigh
Salm 125: 1-2 air fonn Stornoway, os cionn na seinn tha Murchadh MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shoar a' Chnuic san Rubha
An laoidh, Bi Dhomh nad Lèirsinn, air a sheinn le Cairistiona Cheanadach
Leughaidhean: Salm 46 agus Eòin 14: 18-31
Ceann-teagaisg: Eòin 14:27
Buinidh Donaidh MacSuain do bhaile Sgarastadh anns Na Hearadh agus chaidh e don sgoil san Òb agus air an Tairbeart. Chuir e seachad dà bhliadhna an dèidh sin ann an Àrd-Sgoil Inbhir Nis mus do thòisich e ag obair ann am bùth Littlewoods sa bhaile.
B' ann an 1974 thòisich e ag obair là n ùine aig Littlewoods agus chuir e seachd ochd bliadhna ann am bailtean mòra air feadh na rìoghachd, nam measg Lunnainn agus Oxford. Ghluais e a Ghlaschu an dèidh sin agus thòisich e anns an oilthigh, a' ceumnachadh le BD ann an 1990.
Phòs e Sandra an ath bhliadhna agus ghluais iad gu Ceann Loch Beirbhidh, far an robh Donaidh na mhinistear airson sia bliadhna. Rugadh Billy ann an 1993 agus Innes ann an 1996. Dà bhliadhna às dèidh sin chaidh an gairm gu Baile Eoghain agus tha iad air a bhith toilichte an sin bhon uair sin. Tha labrador bà n, Bruno, air a bhith na bhall den teaghlach bho chionn trì bliadhna agus is fìor thoigh leis fònaichean laimhe a chagnadh ma gheibh e an cothrom!
Tha ùidh mhòr aig Donaidh ann an ceòl, gu h-à raidh ceòl soisgeulach, Gà idhealach agus clasaigeach. Tha e air mòran CDs a thoirt a-mach agus tha e nis ag obair air DVDs. Cluichidh e iomadh seòrsa inneal-ciùil, agus tha e a' cur seachad ùine an drà st' ag ionnsachadh an clarinet; inneal a tha e a' faighinn air leth freagarrach airson laoidhean agus ceòl Gà idhealach.
Tha a' Ghà idhlig air a bhith na thlachd mhòr dha a-riamh agus tha e a' dèanamh iomadh oidhirp an cà nan agus an ceòl a bhrosnachadh. An-ath-bhliadhna tha e a' dol a stèidheachadh ionad sònraichte ann am Baile Eoghain a bheir cothrom do dhuine sam bith aig a bheil ùidh anns a' Ghà idhlig coinneachadh airson pròiseactan eadar-dhealaichte a chur air bhog. 'S e An t-Oisean an t-ainm a bhios air agus bidh e na phà irt den ionad Cornerstone a tha e fhèin agus an coitheanal air a thoirt air adhart anns a' bhaile.
Last on
More episodes
An t-Urr Donaidh MacSuain
Broadcasts
- Sun 10 Nov 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Nov 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal