Harvest Thanksgiving Service - Rev Roddy MacKinnon, Church of Scotland
Seirbheis Taingealachd an Fhoghair còmhla ris an Urr Ruairidh MacFhionghain, Eaglais na h-Alba. Harvest Thanksgiving Service conducted by Rev Roddy MacKinnon, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 104: 16-19 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha an t-Urr Niall Seathach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North, Inbhirnis
Salm 98: 2-3 air fonn St David, os cionn na seinn Aonghas MacIllFhinnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 67: 6-7 air fonn Stornoway, os cionn na seinn Alasdair MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn.
Leughadh: Salm 104: 1-15
Ceann-teagaisg: Salm 104:14
Thogadh Mgr MacFhionghain ann am Bun-Abhainn-Eadarra sna Hearadh. Às dèidh dha an sgoil fhà gail bha e ri obair saorsainneachd airson dusan bliadhna, mus deach e an uairsin na mhiseanaraidh a dh'Eilean Thiriodh.
Chaidh e dhan oilthigh ann an 1968 agus às dèidh dha cead-searmonachaidh fhaighinn chaidh a phòsadh ri coitheanal Dhalabroig ann an Uibhist a Deas. Bha pòsadh eile na bheatha air a' bhliadhna sin cuideachd, agus lean dithis a theaghlach às dèidh sin, balach agus nighean. Cho fad sa bha e an Uibhist bha e cuideachd na chomhairliche air sgìre a' Chinn a Deise.
Leig Mgr MacFhionghain dheth a dhreuchd ann an 1995, ach tha e fhathast a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bà n anns na h-eileanan agus air Ghà idhealtachd. Tha a dhachaigh an-diugh ann an Drochaid Sgudail, faisg air Inbhir Pheofharain.
Last on
More episodes
Previous
An t-Urr R MacFhionghain
Broadcasts
- Sun 17 Nov 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Nov 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal