Harvest Thanksgiving Service from 1986
Seirbheis Taingealachd an Fhoghair còmhla ris an Urr Uilleam Caimbeul agus an Urr Iain Fearghasdan. Gaelic Harvest Thanksgiving Service with Rev W Campbell and Rev John Ferguson.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 147: 12-16 air fonn St David agus salm 67:4-6 air fonn Torwood, os cionn na seinn bha Alasdair MacLeòid
Salm 145:15-16 air fonn Free Church agus Salm 24:1-3 air fonn Evan, os cionn na seinn bha Alasdair Guinne
Leughaidhean :
Salm 104: 27-35 agus 2 Corintianaich 9: 6-15
Ceann-teagaisg: Salm 104:27 agus 2 Corintianaich 9: 10-12
An t-Urr Uilleam Iain Caimbeul 1933- 2007
Rugadh Uilleam Caimbeul, mac ministeir, ann an 1933. Bha athar, air an robh Uilleam cuideachd, na mhinistear ann an Eaglais Shaor a' Chnuic anns an Rudha, Leòdhas. Chaidh e a Bhun-Sgoil Phabail agus Àrd-Sgoil MhicNeacail agus às dèidh sin ghluais e a Ghlaschu far an do chuir e seachad ùine ann an Colaiste Teicneòlais Ghlaschu. Fhuair e obair an uairsin aig companaidh à rachais. Ann an 1954 chaidh e dhan arm, mar a chaidh mòran eile, agus bha e stèidhichte ann am Bermuda fad na h-ùine.
Dh'atharraich beatha Uilleam Iain gu mòr ann an 1956 nuair a chaidh iompachadh às dèidh dha a dhol a dh'èisteachd ris na searmonan soisgeulach aig an Urr Calum Moireasdan ann an Eaglais Shaor Phartaic ann an Glaschu. Bha cothrom obrach air leth aige mar 'actuary' ach leig e sin roimhe agus chaidh a e dh' Oilthigh Obar Dheathain airson e fhèin ullachadh airson dreuchd ministear a leantainn. Phòs e Mairead Mhoireasdan à Steòrnabhagh ann an 1964 agus tha triùir do theaghlach aca.
Thug Uilleam Iain a-mach dreuchd ministear ann an 1968 agus chaidh e a-null gu Detroit airson beagan ùine. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor na Pà irce an ceann a deas na Loch an Leòdhas ann an 1972 agus bha e a' frithealadh na paraiste sin gu 1983 nuair a ghluais e gu Eaglais Shaor Phort Rìgh. Nuair a leig e dheth a dhreuchd chaidh e fhèin agus a bhean a dh'fhuireach a dh'Inbhirnis. Bhà saich Mgr Caimbeul ann an 2007.
An t-Ollamh Urramach Iain Fearghasdan 1937 - 2009
Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain , Uibhist a Tuath anns a' Mhà irt 1937. An dèidh dha an sgoil fhà gail bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair, oir aig an à m sin, cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn.
Thà inig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b'ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste Faith Mission an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn dh'fhairich e gun robh's ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996.
Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh o Chlèir Ghlaschu agus anns an Dà mhair sin ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann a Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Bha Iain pòst' aig Oighrig agus bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear. Às dèidh a dhreuchd a leigeil dheth chaidh iad a dh'fhuireach dhan Mhanachainn. Bhà saich Iain air an t-siathamh là den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.
Last on
Broadcast
- Sun 17 Nov 2013 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal