Rev Murdo A MacLeod , Free Church Continuing, Snizort, Skye
Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic religious service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Snizort Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 91, 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn Aonghas MacSuain le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock, le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost .
Salm 118: 17-18 os cionn na seinn Iain Ailig MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Eòin 11: 1-5 agus 34-45
Ceann-teagaisg: Eòin 11: 43
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Ghluais e fhèin agus an teaghlach à Glaschu dhan Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Oib 'sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Òrasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
Last on
Broadcasts
- Sun 24 Nov 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Nov 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal