Main content
Sorry, this episode is not currently available

Rev Calum Macleod former minister of Howard St Andrews COS, Kilmarnock

Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, Eaglais Howard St Andrews, Cille Mheàrnaig Gaelic archive service with Rev Calum MacLeod, Church of Scotland from 1993.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 66: 6-7 air fonn Montrose, os cionn na seinn bha Iain MacPhilip le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Beàrnaraigh.
Salm 78: 5-7 air fonn St David, os cionn na seinn bha Ruairidh Mac a' Ghobhainn le taic bho choitheanal Eaglais Colaiste an Rìgh, Obar Dheathain

Leughadh: 2 Samuel 23: 13-17 agus Eòin 15: 9-14
Ceann-teagaisg: 2 Samuel 23: 16

'S ann do dh' Eilean Bheàrnaraigh a bhuineas an t-Urramach Calum MacLeòid. Rugadh e ann an 1953, mac do Dhonnchadh MacLeòid agus Seònaid, no Seasaidh, NicPhilip. Chaidh e dhan sgoil air an eilean agus nuair a thàinig an t-àm dha a dhol dhan àrd-sgoil, chaidh e chun Tairbeirt agus an uairsin a sgoil Phort Rìgh. Bha cothrom aige Inbhirnis no Port Rìgh a thaghadh, ach cho-dhùin a phàrantan gun cuireadh iad a Phort Rìgh e, oir bha tè de na càirdean aige air an t-siathamh bliadhna san sgoil ann an sin.
Nuair a bha e deiseil san àrd-sgoil chaidh Mgr MacLeòid a dh' Oilthigh Shruighlea agus a Dhùn Èideann. Nuair a bha e òg, bha buaidh aig teagaisg luchd-eaglais air, ach tha e ag ràdh gur e an duine bu mhotha a thug buaidh air na bheatha spioradail maighstir-sgoile a bh'ann an Sgoil Phort Rìgh aig an àm agus a bha os cionn an ostail cuideachd. B' esan Forrest Moffat. B' e an dòigh labhairt aige, a chaithe-beatha, agus mar a bhiodh iad a' gabhail an ùrnaigh gach madainn agus feasgar a thug buaidh air. B' e duine laghach a bh'ann, agus mhìnicheadh e nithean spioradail ann an dòigh shìmplidh, thuigseach do dhaoine òga mar a bha Calum aig an àm.

An dèidh dreuchd na ministrealachd a thoirt a mach, chuir Mgr MacLeòid a' chiad bhliadhna seachad ann an Eaglais Chadder ann an Drochaid an Easbaig agus chaidh e an uairsin na iar-mhinistear gu Cathair-eaglais Naomh Machar ann an Obar Dheathain airson còig bliadhna. Ghluais e an uairsin gu Obar Bhrothaig far an robh e airson còig bliadhna eile. Bha e an uairsin na mhinistear airson ochd bliadhna deug ann an Eaglais Howard St Andrews ann an Cille Mheàrnaig. O chionn còig bliadhna ghluais e gu Eaglais Paraiste Chathair Dòmhnaill ann an Glaschu.

Tha Mgr MacLeòid pòsta aig Ada. 'S ann à sgìre Haddington faisg air Dùn Èideann a tha i, agus phòs iad ann an 1982. Tha triùir theaghlach aca: Beth-Joy, Duncan James agus John. Fhuair Ada i fhèin cead- searmonachaidh ann an 1984. Chan eil paraiste aice ach tha i a' searmonachadh ann an coitheanalan thall sa bhos. An ath mhìos cuiridh i seachad mu naoi mìosan na ministear-cuideachaidh aig Abaid Phàislig agus tha i a' sùileachadh gu faigh i làn chead a dhol an sàs ann am obair na ministrealachd an dèidh sin.

Bidh Mgr MacLeòid a' tilleadh a Bheàrnaraigh gu math tric oir tha càirdean aige fhathast air an eilean. Nuair a gheibh e mionaid dha fhèin tha ùidh mhor mhòr aige ann an coimpiutairean, gu h-àraidh ann a bhith a' sgrìobhadh agus a' cruthachadh phrògraman-coimpiutair. Cheannaich e a' chiad coimpiutair ann an 1979, Sharpe MZ 80K, agus tha ùidh mhòr air a bhith aige a-riamh ann an teicneòlas. ' S e cuideachd an neach-cathrach a tha a' coimhead an dèidh cùisean conaltraidh aig Clèir Ghlaschu.

30 minutes

Last on

Sun 3 Nov 2013 21:00

Broadcast

  • Sun 3 Nov 2013 21:00