Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ulaidh Ùigeach

Seinneadairean à sgire Uig air a robh Tormod Macleòid cho measail. Le Murchadh Macleòid. Singers and songs from Uig in Lewis, of whom Norman Macleod was particularly fond.

B' e neach-teagaisg, bàrd, sòisealach, fear-cruinneachaidh òrain 's beul-aithris agus Gàidheal gu smior a bh'ann an Tormod Macleòid. Rugadh e ann a Port Mhollair sa Rudha a Leòdhas agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Loch Croistein an Ùig, a Sgoil a' Chnuic sa Rudha agus ann a Sgoil Lìonail ann a Nis. Bhiodh e a' sgrìobhadh deilbh-chluiche ghoirid a bhiodh aig a' chloinn; a' cruinneachadh facail, abairtean, òrain agus sean-fhacail còmhla riutha; a' sgrìobhadh a h-uile càil le aon chorraig air typewriter; agus an uair sin a' dèanamh leabhraichean de na chruinnich e air am biodh e fhèin a' cur còmhdach. Bha tape recorder aige cuideachd agus 's iomadh òran is eile a chlàr e leis. Bhàsaich Tormod ann a 1968. Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn seinneadairean à sgìr' Ùig air a robh Tormod cho buileach measail agus cuideachd òran a sgrìobh Tormod fhèin mun àite.
Norman Macleod, Am Bàrd Bochd, was a teacher, poet, writer, socialist, collector and conservator of Gaelic song and oral tradition, and a Gael to his very core. Norman worked tirelessly and incessantly to preserve and advance the Gaelic language and culture in all its forms but shunned any recognition or accolade. He was a man ahead of his time whose death in 1968 was untimely, but he left, in his collection and works, a lasting legacy worthy of acknowledgment. Today we hear recordings of songs sung by singers from the Uig area of Lewis, made by Norman and also by his son, Murdo, who presents the programmes. Norman was particularly fond of Uig and this programme also includes a song he wrote about the area and its people.

Producer Annella MacLeod.

30 minutes

Broadcasts

  • Mon 11 Mar 2013 13:30
  • Mon 11 Mar 2013 22:00
  • Sun 17 Mar 2013 13:00