Stòras Shrainnsearan ann a Nis - taghadh òrain le Murchadh Macleòid
Luchd-tadhail air dachaigh Thormoid MhicLeòid a Nis a chaidh a chlà radh o chionn 50 bliadhna. Hear recordings of songs sung by visitors to Norman Macleod's home in Ness, Lewis.
B' e neach-teagaisg, bà rd, sòisealach, fear-cruinneachaidh òrain 's beul-aithris agus Gà idheal gu smior a bh'ann an Tormod MacLeòid. Rugadh e ann a Port Mhollair sa Rubha a Leòdhas agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Loch Croistein an Ùig, a Sgoil a' Chnuic sa Rudha agus ann a Sgoil Lìonail ann a Nis. Bhiodh e a' sgrìobhadh deilbh-chluiche ghoirid a bhiodh aig a' chloinn; a' cruinneachadh facail, abairtean, òrain agus sean-fhacail còmhla riutha; a' sgrìobhadh a h-uile cà il le aon chorraig air typewriter; agus an uair sin a' dèanamh leabhraichean de na chruinnich e air am biodh e fhèin a' cur còmhdach. Bha tape recorder aige cuideachd agus 's iomadh òran is eile a chlà r e leis. Bhà saich Tormod ann a 1968. Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn seinneadairean à sgirean eile a bhiodh a' tighinn a cheilidh neo feadhainn à ceà rnaidhean eile a bha fuireach sa sgìre leithid muinntir nan taighean-solais neo poileas na sgìre.
Bha a' mhòr-chuid dhiubh air an clà radh le Tormod agus cuideachd le mhac, Murchadh ann a Nis. 'S e Murchadh a tha toirt thugainn a' phrògram agus 's e fear-ciùil air leth a bh' ann a Murchadh fhèin air a' mhaileòidian. Duine socair, dà imheil, dibhearsanach, duine a bha na thlachd a bhith na chuideachd. Bhà saich Murchadh gu h-obann san Iuchar am bliadhna aig aois 80.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Mon 4 Mar 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Mar 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Mar 2013 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Dec 2015 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Dec 2015 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Jan 2016 10:02Â鶹Éç Radio nan Gà idheal