Main content
Sorry, this episode is not currently available

Bannal Bana-Bharrach

Bana-sheinneadairean à Barraigh a bha am measg clàraidhean Thormoid Mhicleòid. Margaret Macneil presents a selection of songs from recordings made in Barra in the 60s.

B' e neach-teagaisg, bàrd, sòisealach, fear-cruinneachaidh òrain 's beul-aithris agus Gàidheal gu smior a bh'ann an Tormod Macleòid. Rugadh e ann a Port Mhollair sa Rudha a Leòdhas agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Loch Croistein an Ùig, a Sgoil a' Chnuic sa Rudha agus ann a Sgoil Lìonail ann a Nis. Bhiodh e a' sgrìobhadh deilbh-chluiche ghoirid a bhiodh aig a' chloinn; a' cruinneachadh facail, abairtean, òrain agus sean-fhacail còmhla riutha; a' sgrìobhadh a h-uile càil le aon chorraig air typewriter; agus an uair sin a' dèanamh leabhraichean de na chruinnich e air am biodh e fhèin a' cur còmhdach. Bha tape recorder aige cuideachd agus 's iomadh òran is eile a chlàr e leis. Bhàsaich Tormod ann a 1968. Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn bana-sheinneadairean a bh' air teipichean Thormoid à Barraigh. Cluinnidh sinn ciamar a fhuair bannal bana-Bharrach am measg na Nisich agus na h-Ùigich a chlàr Tormod. Bha Mairead NicNèill anns a' bhannal agus tha i air a bhith ag èisteachd ri na teipichean a-rithist, leth-cheud bliadhna an deidh an clàradh.
Norman Macleod, Am Bàrd Bochd, was a teacher, poet, writer, socialist, collector and conservator of Gaelic song and oral tradition, and a Gael to his very core. Norman worked tirelessly and incessantly to preserve and advance the Gaelic language and culture in all its forms but shunned any recognition or accolade. He was a man ahead of his time whose death in 1968 was untimely, but he left, in his collection and works, a lasting legacy worthy of acknowledgment. Today we hear recordings of songs sung by singers from Barra.

Producer Annella MacLeod.

30 minutes

Last on

Sun 24 Mar 2013 13:00

Broadcasts

  • Mon 18 Mar 2013 13:30
  • Mon 18 Mar 2013 22:00
  • Sun 24 Mar 2013 13:00