Craobhan is coilltean nan cur-seachad agus nan gnìomhachas. Gilleasbuig Ferguson looks at trees and woodland in both their recreational and industrial landscapes.
Bho chionn fhada ann an Alba bha craobhan rim faicinn air feadh na dùthcha, ach beag air bheag chaidh an leagail gus an do thòisich Coimisean na Coilltearachd a' cur chraobhan aig à m a' Chiad Chogaidh. Bhon uair sin tha an Coimisean air fàs nas mothachail de bhith a' glèidheadh na h-à rainneachd timcheall air na coilltean agus cuideachd dham fosgladh airson cur-seachad do dhaoine. Tha barrachd choimhnearsnachdan a-nis a' faighinn cothrom air coilltean a cheannach airson an ruith dhaibh fhèin.
Anns a' phrògram seo tha sinn a' tadhal air trì coilltean eadar-dhealaichte. Ann an Cinnseaborg anns an Eilean Sgitheanach, tha a' choimhearsnachd air a' choille a sin a cheannach bho Choimisean na Coilltearachd agus a' dèanamh feum dhi le bhith a' leagail na seann chraobhan, a' cur feadhainn ùr nan à it', agus a' dèanamh cuairtean-coiseachd tron choille dhan phobull.
Tha coille Langais ann an Uibhist a Tuath cuideachd leis a' choimhearsnachd, agus tha iad fhèin a' dèanamh feum dhi le cuairtean-coiseachd agus gu h-à raid pròiseact anns an robh Taigh Chearsabhagh a' sàs còmhla ri clann à Sgoil Chà irinis.
Tha an treas coille air a bheil sinn a' tadhal anns a' phrògram, ann an Ratharsaigh, far a bheil Gilleasbuig a' faicinn coille le Comisean na Coilltearachd ga leagail le inneal gu math cumhachdach. 'S e coille gu math sean a th'ann agus deiseil airson a gearradh seach gu bheil cuid de na craobhan a' tuiteam. Tha a' mhòr-chuid dhen fhiodh a' dol a dh'Inbhir-Nà rann chun a' mhuileann-sà bhaidh ann an sin, ach tha pà irt dheth a' siubhal cho fad' air falbh ris a' Bheilg.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2012.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 23 Nov 2011 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Nov 2011 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Apr 2012 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Apr 2012 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Apr 2012 10:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Jul 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Jul 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jul 2013 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Apr 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal