Main content
Sorry, this episode is not currently available

Iolairean/Mucan-mara

Episode 1 of 7

A' lorg iolairean sna Hearadh agus a' cuideachadh mucan-mara a thig gu tìr an Uibhist. We go eagle-spotting in Harris and learn how to help stranded whales in South Uist.

Anns a' chiad phrògram san t-sreath, A-Muigh, tha Fiona NicIllinnein anns na Hearadh a' gabhail aon de na cuairtean a tha Urras Ceann a Tuath Na Hearadh a' cur air dòigh tron t-samhradh airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mun àrainneachd timcheall orra. Còmhla rithe tha Calum MacAoidh, fear-cathrach an Urrais, aig am bheil eòlas farsainn air a' sgìre, agus Robin Reid, maor-dùthcha an Urrais, a tha a' stiuireadh na buidhne air a' chuairt. Tha ùidh shònraichte aig Robin ann an iolairean agus tha an t-uabhas fiosrachaidh aige mun deidhinn.
'S e na Hearadh aon dha na h-àiteachan as fheàrr anns a' rioghachd airson iolairean fhaicinn. Tha a' mhointeach lom, gann de dhaoine, agus gu math freagarrach dhaibh, le na beanntan a' toirt dhaibh spiris airson sealg bho gu h-àrd. Tha sinn a' faighinn a-mach cuideachd mu dheidhinn dòigh a th' aca air cumail lorg air na h-àiteachan far am bi aon de na h-iolairean a' tadhal.
Bho chionn ghoirid ann an Uibhist tha mucan-mara air a bhith a' nochdadh faisg air tìr. Chaidh cùrsa a chumail ann an Talla an Iochdar leis am BDMLR, neo British Divers Marine Life Rescue, airson gum biodh fios aig daoine dè dheanadh iad nan tigeadh beathach mar seo gu tìr. Bha iad cuideachd a' toirt seachad comhairle air ròin, a tha tòrr nas lugha, ach an deidh sin, feumach air an làimhseachadh anns an dòigh cheart. Fhuair Niall Caimbeul dha neo thrì fhacail air Eoina Rodgers agus Marina NicLeòid a bha air a' chùrsa.

30 minutes

Last on

Sun 9 Jun 2013 09:30

Clip

Broadcasts

  • Wed 23 Nov 2011 13:30
  • Mon 3 Jun 2013 13:30
  • Mon 3 Jun 2013 22:00
  • Sun 9 Jun 2013 09:30