Cuairt mu Rudha Shuisinis san Eilean Sgitheanach còmhla ri Gilleasbuig Fearghasdan. Gilleasbuig Ferguson walks along the Skye Trail.
Anns a' phrògram seo, tha Gilleasbuig Fearghasdan a' A-Muigh a' coiseachd pà irt de shlighe ùr a tha a' ruith tron Eilean Sgitheanach. Chuir seirbhis nam maor-dùthcha san eilean cuairtean-coiseachd air dòigh tron t-samhradh, a coiseachd earrannan dhan t-slighe. 'S e pà irt dhen cheum eadar Na Torrain agus An t-Ath Leathann a tha Gilleasbuig a' dèanamh, agus tha seo a' ruith tro dà bhaile a chaidh fhà gail bà n leis na fuadaichean - Sùisinis agus Boraraig. Àite tiamhaidh dha-rìribh, ach a tha suidhichte ann an ceà rnaidh dhen eilean a tha anabarrach brèagha.
A bharrachd air a' bhuidheann a tha a' gabhail na cuairt, tha Alasdair Mac a' Phearsain à Heasta, aig a bheil mòran fiosrachaidh agus eòlais air a' sgìre, na chompanach aig Gilleasbuig air an turas. Ach airson beagan innse mu na bailtean a chaidh fhuadach, tha iad a' coinneachadh ri Niall MacFhionghuin à Ealaghol aig toiseach an t-slighe.
Tha iomadach rud eile ri fhaicinn a bharrachd air na seann tobhtaichean. Tha Iain Phillips, am maor-duthcha, a' toirt tòrr fiosrachaidh seachad mu na lusan, na creagan, an à rainneachd, an eachdraidh agus cuideachd a' chladach aig Boraraig far a bheil an t-uabhas fosailean ri fhaicinn. Faisg air deireadh na cuairt tha iad a' dol seachad air sean chuaraidh à oil agus marbail, a bha ga obrachadh bho chionn ceud bliadhna.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann a 2011.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 30 Nov 2011 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Nov 2011 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Dec 2011 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Jun 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Jun 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Jun 2013 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Apr 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal