Clachan - ann an obair à rceolas sna Hearadh agus a' clachaireachd gà radh an Uibhist. Stones in archaeology in South Harris and in building a stone wall in Benbecula.
Tha daoine air a bhith a' fuireach anns an Taobh Tuath anns na Hearadh nas fhaide na à ite sam bith eile anns na h-eileanan an iar - fiù nas fhaide na Calanais, dachaigh nan tursachan ainmeil! Mar sin, 'se à ite luachmhor tha seo airson à rceolas. Air Rudha an Teampaill tha an aon togalach air fhà gail na sheasamh air là rach seann dùn. Tha luchd-obrach air ballaichean an teampaill a chà radh airson a chumail gun tuiteam, agus cuideachd bha à rceolaichean ag obair a' cladhach timcheall air an dùn. Chaidh Fiona NicIllinnein chun na là raich còmhla ri Seòras MacLeòid, a tha a' fuireach anns a' sgìre agus aig a bheil ùidh mhòr ann an à rceolas, airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn an à ite inntinneach seo.
'S ann ri seann chlachan ris a tha sinn a' coimhead san dà rna còmhradh sa phrògram cuideachd ach chan eil buileach cho fada bho chaidh na ballaichean seo a thogail! Choinnich Niall Caimbeul ri Niall Mac a' Phearsain ann am Beinn nam Faoghla, airson innse mar a bha iad a' togail na ballaichean a bhiodh timcheall air pà irceanan uaireigin. 'S e seann sgil a tha seo a tha air a bhith a' sìoladh à s, ach tha Niall an-diugh ga theagasg ann an Sgoil Lionacleit.
Producer Janet Matheson.
Last on
Broadcasts
- Wed 7 Dec 2011 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Dec 2011 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2011 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Jun 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Jun 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Jun 2013 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal