Main content

Pretzels

Nì seo 6

½ pacaid beirm
180ml uisge flodach
½ spàin-bhùird siùcar ruadh
½ spàin-bhùird ìm air a leaghadh
½ spàin-tì salann
125g flùr plein
125g flùr làidir geal
1L uisge goileach
60g sòda arain
Salann na mara

Tha cagnadh ann na bonnaich seo a tha cho eadar-dhealaichte bho aran eile agus le pìosan beaga salainn air an uachdar chan urrainn gearain.

Airson toiseach-tòisichidh buail am beirm is an t-uisge còmhla. Cuir ris a sin an t-siùcar, an t-ìm air a leaghadh agus an salann. Cuir seo a-rithist mun cuairt.

Measgaich ann am bobhla an dà sheòrsa flùr agus dòirt ann an stuth fliuch. Cuir seo timcheall le spàin fhiodh agus cuir an taois a-mach air a' bhòrd. Nì crathadh beag flùir feum a seo. Tha còir gum bi an taois meadhanach fliuch aig an ìre-sa ach thig e nas teann agus nas tighe fhad ‘s a tha thu ga obrachadh le do dhà làimh fhèin. Bheir seo eadar 3 gu 5 mionaidean.

Cuir an taois air ais dhan bhobhla às an d’ thàinig e agus fàg an dara taobh e, le cling air a mhuin, fad uair a thìde neo co-dhiù gus an dùblaich a mheudachd.

Put an adhar a-mach às an taois. Air a' bhòrd dèan sia pìosan dhen taois agus roilig gach pìos gu cumadh fada isbean mu 22cm fada.

Bheir pìos taoise agus dèan cumadh crudha-eich leis. Cuir na cinn seachad air a chèile dà thuras, caran coltach ri snaidhm a dhèanamh unnta. Paisg an uair sin na cinn suas agus brùth sìos iad feuch ach an staoig iad ris a chearcaill aig a mhullach. Tha còir gu bheil a-nis cumadh pretzel agad. Dèan an ceum seo a-rithist gus am bi sia pretzels agad.

Ann am bobhla eile cuir an t-uisge goileach agus an sòda-arain. Bog a-nis gach pretzel anns an uisge agus às dèidh sin tog a-mach iad le spàin le tuill ann agus cuir iad sios air treadha a th’ air a lìnigeadh. Tha an ceum annasach seo a' toirt craiceann ruadh tiugh làn chagnaidh dha na pretzels.

Mus tèid iad dhan àmhainn tha iad a’ faighinn deagh frasadh le salann na mara. Tha e ceadaichte – tha mise dhen bheachd – a bhith caran fialaidh leis a seo. ‘S e seo a tha toirt blas dhaibh.

Cuir na pretzels ann an àmhainn gaoithe aig 180C fad 12-15 mionaidean.

Tha seo gu math nas fheàrr na ceapaire àbhaisteach còmhla ri bobhla brot agus nì e bogsa bìdh sònraichte.