Tofaidh-brisg Almoin is Seasaman
100g siùcar mìn
50g ìm
1 spàin bhùird siorap mhailpis
Salann na mara
3 spàinean bùird uisge
25g sìl seasaman
75g almoin air an gearradh (gun a bhi ro mheanbh)
Cuir pana air teas meadhanach agus cuir ris an t-siùcar, an t-ìm, an t-siorap, craiteachan salainn agus an t-uisge. Leig leis bruich air a shocair feuch ach an leagh a h-uile sion còmhla. NA CUIR mun cuairt le spàin e, ach ma tha e stoigeadh idir gluais am pana fhèin bho thaobh gu taobh airson a thoirt ri chèile.
Nuair a tha seo uile air leaghadh cuir suas an teas agus leig leis goil airson mu 4 neo 5 mionaidean gus an tig dath dorcha donn air coltach ri caramal.
Buail ann na sìl agus na cnothan agus cuir mun cuairt gus bheil a h-uile sion air a chòmhdach.
Dòirt seo a-mach air treadha a th’ air a lìnigeadh agus dèan còmhnard e le cùl na spàine. Deagh chraiteachan salainn eile air uachdar seo agus leig leis fuarachadh agus cruadhachadh. Cha toir seo ach mu leth-uair.
Brist an tofaidh na spealgan beaga agus tha e deiseil airson ithe. Cumaidh e ann a crogan le mullach teann fad 5 là.