Air 鶹 iPlayer
Nuair a tha thu air logadh a-steach molaidh sinn prògraman a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut, stèidhichte air prògraman a choimhead thu mar-thà. Dìreach cùm sùil airson prògraman a tha “Air a mholadh dhut”.
Cuimhnichidh sinn cuideachd dè na tha thu air coimhead de phrògram. Le sin, gheibh thu air tòiseachadh dìreach far na sguir thu, air inneal sam bith.
Air 鶹 Sounds
Faodar lorg fhaighinn air prògraman ùra tro 'Air a mholadh dhut', le taghaidhean dìreach dhut fhèin.
Sàbhailidh sinn na lorgaidhean as ùire agad, ach an lorg thu iad gu sgiobalta a-rithist. Faodaidh tu d' Eachdraidh Lorg a chur dheth (is air a-rithist) aig àm sam bith ann an seataidhean do chunntas 鶹.
Gheibh thu gu na podcastan is na prògraman rèidio as ùire aig a' BhBC gu furasta agus faodar prògraman no criomagan a chomharrachadh airson èisteachd riutha aig àm eile.
Air app 鶹 Sport
’S e dòigh fhurasta a th’ ann am airson cumail suas ri na naidheachdan as ùire mu na spòrsan agus na sgiobaidhean as fheàrr leat.
Tagh bho còrr air 300 cuspair spòrs airson do dhuilleig My Sport a chruthachadh. Agus log a-steach airson fhaighinn air d’ innealan air fad.
Faodaidh tu cuideachd roghnachadh brathan fhaighinn mu Bhall-coise, Formula 1, Criogaid, Rugbaidh Aonaidh, Rugbaidh Lìog agus na Naidheachdan ò as ùire.
Air Naidheachdan a' BhBC
Bho àm gu àm molaidh sinn sgeulachdan a rèir na leugh thu roimhe, agus na tha daoine le ùidh sna h-aon seòrsa chuspairean riut a leughadh.
Chan fhalaich sinn sgeulachdan bhuat aig àm sam bith, agus gheibhear chun na prìomh naidheachdan aig àm sam bith.
Air 鶹 Aimsir
Bheir 鶹 Aimsir fiosrachadh dhut stèidhichte air na h-àiteachan as fheàrr leat.
Nuair a chuireas tu àite ris, mar d’ àite fuirich, cleachdaidh sinn sin airson fiosrachadh ionadail a thoirt dhut. Ma logas tu a-steach dhan a’ BhBC, thèid cuimhne a chumail air an fhiosrachadh seo thairis air diofar innealan.
’S e “M’ Àiteachan” a bhios againn air na h-àiteachan a shàbhail thu. Faigh a-mach tuilleadh mu “M’ Àiteachan” san Aimsir.
Air Dhutsa
Tha ‘Dhutsa’ a' toirt am 鶹 còmhla ann an aon àite. Tha a' mhòr-chuid den stuth pearsaichte dhutsa. Tha e air a thaghadh tro phròiseas fèin-obrachail, seach air a thaghadh le deasaichean.
Gheibh thu stuthan stèidhichte air rudan a choimhead, chuala, leugh no a lean thu roimhe. Cuideachd gheibh thu stuthan ùra agus stuthan air a bheil daoine measail.
Air 鶹 Children’s
Faodaidh clann na prògraman agus na cuspairean as fheàrr leotha a chur ris. Tha seo a’ ciallachadh gu nochd iad air bàrr duilleagan C鶹 agus CBeebies, ga dhèanamh nas fhasa an lorg.
Air 鶹 Bitesize
Air an làrach-lìn, cruthaich slighe ionnsachaidh dhut fhèin le bhith a’ cur chuspairean àrd-sgoil no na sine na 16 agus iùil ionnsachaidh ri ‘Bitesize agamsa’ - faodaidh tu an uair sin tòiseachadh a-rithist far an do stad thu.
Anns an app ath-sgrùdaidh, faodaidh tu do chuspairean GCSE, TGAU, Nàiseanta no Àrd Ìre a chur ris gus nach eil thu a’ faicinn ach na tha a’ buntainn riut fhèin. Faodaidh tu cuideachd goireasan ath-sgrùdaidh a chur air do dhuilleag-dachaigh gus am faigh thu thuca gu sgiobalta.
Cùm sùil an seo
Tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean ùra gus am 鶹 a dhèanamh nas pearsaichte dhut. Coimhead a-mach air an son air feadh a’ BhBC.