le Cathy NicDhòmhnaill
A' Hillman Imp, Taghadh nan Stà itean, agus dìleab a' phrìomh mhinisteir Ailig Salmond. Cathy MacDonald discusses the Hillman Imp, the US elections, and Alex Salmond's legacy.
Chan eil dìth còmhraidh neo dìth argamaid anns na Stà itean Aonaichte an-diugh - le dìreach seachdain ri dhol mus codhun iad an e Dòmhnall Iain Trump neo Kamala Harris a ghabhas à ite Joe Biden mar cheann-suidhe na dùthcha. Ach chan eil dìth cheistean ann a bharrachd: dè thachras mura faigh duine seach duine mòr-chuid? Ciamar a bhios na bhòtan air an cunntadh? Dè cho fada is a bhios sinn a' feitheamh air oidhche Mhà irt airson freagairt? Tha Micheil MacAoidh ann am Virginia gar stiùireadh tro na ceistean sin gu lèir - is gu leòr eile cuideachd!
Tha cà irdean is caraidean an t-seann phrìomh mhinisteir nach maireann, Ailig Salmond, cruinn comhla. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir aig a bheil cuimhneachain air Salmond mar agallamhaiche, mar fhear-poilitigs, agus mar charaid: am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach, an t-Oll. Kaye NicLeoid, agus Aonghas Brianan MacNèill - a bhios e fhèin aig an tiodhlacadh. Ciamar a tha iadsan a' cuimhneachadh fear-poilitigs cho cudromach is a bh' ann an Alba sa linn sa?
Agus le prògram ùr a' togail air cà r beag a thug buaidh mhòr air iomadach draibhear - a' Hillman Imp - tha Calum "Kiwi" MacLeòid agus Coinneach "Dennis" Caimbeul còmhla ri Cathy le'n cuimhneachain fhèin air a' chà r. Agus mar a chluinneas sinn, tha Hillman Imp Kiwi gu math trang air na rathaidean fhathast!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 29 Oct 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 29 Oct 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal