le Cathy NicDhòmhnaill
'S i Sybla Shillady cèiliche na seachdain, is i a' còmhradh ri Cathy. Sybla Shillady is this week's guest with Cathy
Tha comhstri a' leantainn ann an Georgia, dùthaich air oir a' Mhuir Dhuibh - agus a tha a' suidhe ann an sgìre gu math sradagach dhen t-saoghail, eadar an Tuirc agus a' Ruis. Ach carson a sgar an taghadh aca Disathairne uimhir a bheachdan, agus carson a tha ceann-suidhe na dùthcha - a tha a' taobhachadh ris a' Roinn Eòrpa seach a' Ruis - air a dhol cho dubh an aghaidh toradh nam bhòt? Tha Anna NicLeòid ag aithris.
Cluinnidh sinn mu ghoilf anns an Òban le Coinneach Mac a' Ghobhainn - a sheas a-staigh a chèilidh air Eric Mac a' Ghobhainn aig Cluba Golf Ghlinn Chruitein nuair a bha am Mòd a' dol sa bhaile. Cò ris a tha an cluba far an do thòisich Raibeart Mac an t-Saoir air eòlas a chuir air a' ghèam a th' air a dhèanamh ainmeil air feadh an t-saoghail, coltach?
Agus 's i Sybla Shillady cèiliche na seachdain, is i a' còmhradh ri Cathy mu a h-òige ann am Bà gh a' Chà ise ann an Uibhist a' Tuath - coltach ri iomadach teaghlach Beà rnarach is Hearach eile, fhuair a teaghlach fearann a-sin o chionn ceud bliadhna. Eadar a-sin agus a beatha bhon uairsin, 's iomadh cuspair air an cagainn iad is Sybla air co-latha breith mòr 80 bliadhna a dh' aois a chomharrachadh o chionn ghoirid.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 30 Oct 2024 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Oct 2024 22:25Â鶹Éç Radio nan Gà idheal