Còmhla ris an Urr Murchadh Ailig MacLeòid
Seirbheis bho Eaglais Shaor a' Chnuic ann an 1988 còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid. Gaelic archive service with Rev Murdo Alex MacLeod recorded in Knock Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 69: 1-4 air fonn Walsall agus ‘s e an t-Urr Murchadh Mà rtainn a tha os cionn na seirbheis.
Salm 125: 1-2 air fonn Stornoway agus ‘s e Murchadh Macleòid a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor a’ Chnuic san Rubha.
Leughadh: Isaiah 33: 13-20
Ceann-teagaisg Isaiah 33: 16-17
Rugadh Mgr MacLeòid ann an Nis ann an 1935 far an robh athar, an t-Urr Alasdair MacLeòid, na mhinistear aig an à m.
Chaidh Mgr MacLeòid gu Oilthigh Obar Dheathain agus às an sin gu Colaiste na Diadhachd aig an Eaglais Shaor ann an Dùn Èideann. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1966 ann an sgìre Drumchapel ann an Glaschu. Aig toiseach nan seachdadan ghluais e gu sgìre Inbhir Pheofharain agus às an sin gu Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis. Ann an 1984 chaidh a ghairm air ais gu dhùthaich fhèin, gu bhith na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus bha e na Mhodarà tair air an à rd-sheanadh ann an 1995, a' bhliadhna a bhà saich e .
Bha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise na òige agus a rèir choltais na dheagh chluicheadair nuair a bha e na bhall de sgioba ball-coise Sgoil MhicNeacail. Bha nà dar spòrsail aige cuideachd agus bha e ainmeil airson a bhith toirt a' char às a charaidean agus luchd-eòlais.
Bha e na shearmonaiche air leth anns a' Ghà idhlig agus a' Bheurla. Bha e mothachail air na h-atharrachaidhean a bha gabhail à ite taobh a-staigh na h-eaglaisean ann an Alba agus anns an eilean aige fhèin agus bha dòigh air leth aige ann a bhith dèiligeadh ri cùisean nuair a dh'fhà sadh an suidheachadh doirbh.
Cho fad 's a bha e na mhinistear ann an Steòrnabhagh, ghabh e sùim mhòr anns an òigridh agus rinn e atharrachaidhean anns an obair a bha an eaglais a' dèanamh nam measg. Ri linn seo chaidh toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air talla eaglais a thogail. Tha an talla sin ann an-diugh agus air ainmeachadh mar chuimhneachan air fhèin.
Bhà saich Mgr MacLeòid san Dà mhair 1995, a' fà gail bean agus sianar theaghlach.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 10 Mar 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal